Agus nuair a shuidh e air Sliabh nan Crann-ola, fa chomhair an teampaill, dh’fheòraich Peadar, agus Seumas, agus Eòin, agus Anndras, ann an uaigneas dheth,
An sin chuir Iosa am poball air falbh, agus chaidh e a‑steach don taigh: agus thàinig a dheisciobail da ionnsaigh, ag ràdh, Mìnich dhuinne cosamhlachd cogal an fhearainn.
Agus air suidhe dha air Sliabh nan Crann-ola, thàinig a dheisciobail da ionnsaigh ann an uaigneas, ag ràdh, Innis dhuinne cuin a thig na nithean sin gu crìch, agus ciod e comharradh do theachd-sa, agus crìoch an t‑saoghail?
Agus an ceann sia làithean, thug Iosa Peadar, agus Seumas, agus Eòin leis, agus threòraich e iad leo fhèin air leth gu beinn àird: agus dh’atharraicheadh a chruth nam fianais.