A‑nis fòghlamaibh cosamhlachd on chraoibh-fhìge. Nuair a bhios a geug a‑nis maoth, agus a chuireas i a‑mach a duilleach, tha fhios agaibh gu bheil an samhradh am fagas;
Agus air dha crann-fìge fhaicinn air an t‑slighe, thàinig e da ionnsaigh, agus cha d’fhuair e nì air bith air, ach duilleach a‑mhàin; agus thubhairt e ris, Na fàsadh toradh o seo suas gu bràth ort. Agus chrìon an crann-fìge air ball.
Agus an sin cuiridh e a aingil a‑mach, agus cruinnichidh e ri chèile a dhaoine taghte fhèin o na ceithir gaothan, o leth-iomall na talmhainn gu leth-iomall nèimh.