Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 13:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus an sin chì iad Mac an Duine a’ teachd anns na neòil, maille ri mòr-chumhachd agus glòir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Is beannaichte thusa, a Shìmoin Bhar-Iona; oir cha d’fhoillsich fuil agus feòil sin dhutsa, ach m’Athair-sa a tha air nèamh.

Oir thig Mac an Duine ann an glòir a Athar, maille ra ainglean; agus an sin bheir e do gach neach a rèir a ghnìomharan.

Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Gu bheil cuid den dream a tha nan seasamh an seo nach blais bàs gus am faic iad Mac an Duine a’ teachd na rìoghachd fhèin.

Agus an sin foillsichear comharradh Mac an Duine ann an nèamh: agus an sin nì uile threubhan na talmhainn bròn, agus chì iad Mac an Duine a’ teachd air neòil nèimh, le cumhachd agus glòir ro‑mhòr.

Nuair a thig Mac an Duine na ghlòir, agus na h‑ainglean naomha uile maille ris, an sin suidhidh e air cathair rìoghail a ghlòire:

Agus thubhairt Iosa, Is mi: agus chì sibh Mac an Duine na shuidhe air deaslàimh cumhachd Dhè, agus a’ teachd le neòil nèimh.

Oir ge bè neach a ghabhas nàire dhìomsa agus dem bhriathran anns a’ ghinealach adhaltranach agus olc seo, dhethsan gabhaidh Mac an Duine nàire, nuair a thig e ann an glòir a Athar, maille ris na h‑ainglean naomha.

Agus thubhairt e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gu bheil cuid dhiubhsan a tha nan seasamh an seo nach blais bàs gus am faic iad rìoghachd Dhè a’ teachd le cumhachd.

Agus an sin chì iad Mac an Duine a’ teachd ann an neul, le cumhachd agus mòr-ghlòir.

Agus thubhairt iad, Fheara Ghalile, carson a tha sibh nur seasamh ag amharc gu nèamh? An t‑Iosa seo a thogadh suas uaibh gu nèamh, is amhail sin a thig e, mar a chunnaic sibh e a’ dol do nèamh.

Oir thig an Tighearna fhèin a‑nuas o nèamh le àrd-iolaich, le guth an àrd-aingil, agus le trompaid Dhè: agus èiridh na mairbh ann an Crìosd air tùs:

Oir cha do lean sinne faoin-sgeulachdan a dhealbhadh gu h‑innleachdach, nuair a chuir sinn an cèill dhuibh cumhachd agus teachd ar Tighearna Iosa Crìosd, ach rinneadh sinn nar sùil-fhianaisean air a mhòrachd-san.

Feuch, tha e a’ teachd le neòil; agus chì gach sùil e, agus iadsan mar an ceudna a lot e; agus nì uile threubhan na talmhainn caoidh air a shon-san: guma h‑amhlaidh a bhitheas. Amen.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan