Oir cha tabhair reultan nèimh agus a co‑shoillse uapa an solas; bidh a’ ghrian air a dorchadadh na dol a‑mach, agus cha toir a’ ghealach air a solas dealradh.
Airson seo nì an talamh bròn, agus dorchaichear na nèamhan shuas; a chionn gun do labhair mise, agus cha ghabh mi aithreachas; chuir mi romham, agus cha tèid mi air m’ais uaithe.
Agus nuair a chuireas mi as thu, falaichidh mi na nèamhan, agus nì mi an reultan dorcha: còmhdaichidh mi a’ ghrian le neul, agus cha toir a’ ghealach seachad a solas.
Agus anns an àm sin seasaidh Mìchael suas, am prionnsa mòr a tha a’ seasamh airson clann do shluaigh-sa; agus bidh aimsir carraid ann, mar nach robh riamh o bha cinneach ann, gus an uair sin fhèin: agus anns an àm sin saorar do shluagh-sa, gach aon a gheibhear sgrìobhte anns an leabhar.
Bhrùchd sruth teinnteach, agus thàinig e a‑mach o an làthair: bha mìle de mhìltean a’ frithealadh dha, agus sheas deich mìle uair deich mìle na fhianais: shuidhicheadh am breitheanas, agus dh’fhosgladh na leabhraichean.
Ach thig là an Tighearna mar ghadaiche anns an oidhche; anns an tèid na nèamhan thairis le toirm mhòir, agus anns an leagh na dùilean le dian-theas; agus bidh an talamh mar an ceudna, agus na h‑obraichean a tha air, air an losgadh suas.
Le sùil a bhith agaibh ris, agus a’ luathachadh a‑chum teachd là Dhè, anns am bi na nèamhan, air dhaibh a bhith ri theine, air an sgaoileadh as a chèile, agus anns an leaghar na dùilean le dian-theas?
Agus chunnaic mi rìgh-chathair mhòr gheal, agus an Tì a shuidh oirre, neach aig an do theich nèamh agus talamh o a ghnùis; agus cha d’fhuaireadh àite dhaibh.