Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 13:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir èiridh Crìosdan brèige, agus fàidhean brèige, agus nì iad comharraidhean, agus mìorbhailean a‑chum, nam bu chomasach e, na daoine taghte fhèin a mhealladh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Oir èiridh Crìosdan brèige agus fàidhean brèige, agus nì iad comharraidhean agus mìorbhailean mòra, ionnas gum mealladh iad, nam faodadh e a bhith, na daoine taghte fhèin.

Coimheadaibh sibh fhèin o na fàidhean brèige, a thig dur n‑ionnsaigh ann an culaidhean chaorach, ach a tha on leth a‑staigh nam madaidhean-allaidh.

Agus an sin ma their neach air bith ribh, Feuch, tha Crìosd an seo, no, Feuch, tha e an sin, na creidibh e:

Agus thugaibh-se an aire: feuch, ro‑innis mi dhuibh na h‑uile nithean.

Oir thig mòran ann am ainm-sa, ag ràdh, Is mise e: agus meallaidh iad mòran.

An sin thubhairt Iosa ris, Mura faic sibh comharraidhean agus mìorbhailean, cha chreid sibh.

Ma dh’èireas suas nur measg fàidh, no fear a chì aisling, agus gun toir e dhut comharradh no iongantas,

Gidheadh, tha bunait Dhè a’ seasamh daingeann, aig a bheil an seula seo, Is aithne don Tighearna an dream sin as leis. Agus, gach neach a tha ag ainmeachadh ainm Chrìosd, trèigeadh e eucoir.

A chlann bheag, is i an aimsir dheireannach a tha ann: agus mar a chuala sibh gun tig an t‑ana-crìosd, is ann mar sin a tha a‑nis iomadh ana-crìosd ann; om bheil sinn a’ tuigsinn gur i an aimsir dheireannach a tha ann.

Chaidh iad a‑mach uainn, ach cha robh iad dhinn: oir nam biodh iad dhinn, gu deimhinn dh’fhanadh iad maille rinn: ach chaidh iad a‑mach, a‑chum gun dèante follaiseach iad, nach robh iad uile dhinn.

Sgrìobh mi na nithean seo dur n‑ionnsaigh, mu thimcheall an dream a tha gur mealladh.

Agus nì iadsan uile, a tha nan còmhnaidh air an talamh, adhradh dha, aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar-beatha an Uain, a mharbhadh o thoiseach an t‑saoghail.

Am fiadh-bheathach a chunnaic thu, bha e, agus chan eil e ann; agus èiridh e suas à sloc an dubh-aigein, agus thèid e am mugha: agus gabhaidh luchd-àiteachaidh na talmhainn (aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar na beatha o thoiseach an t‑saoghail), iongantas, nuair a chì iad am fiadh-bheathach a bha, agus nach eil agus a bhitheas ann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan