Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 13:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mura giorraicheadh an Tighearna na làithean ud, cha rachadh feòil air bith as: ach airson an t‑sluaigh thaghte, a thagh e fhèin, ghiorraich e na làithean ud.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Mura biodh gun d’fhàg Tighearna nan sluagh iarmad ro‑bheag againn, is ann a bhitheamaid mar Shòdom, bhitheamaid cosmhail ri Gomorrah.

Ach fhathast bidh deicheamh innte; agus tillidh e, agus caithear e; mar an cuileann agus an darach, aig a bheil brìgh annta, ged thilg iad an duilleach; mar sin bidh sìol naomh na bhrìgh inntese.

Agus mura biodh na làithean sin air an giorrachadh, cha bhiodh feòil sam bith air a tèarnadh: ach airson nan daoine taghte bidh na làithean sin air an giorrachadh.

Oir bidh àmhghar anns na làithean sin, amhail nach robh a leithid ann o thoiseach na cruitheachd a chruthaich Dia gus a‑nis, agus nach mò a bhios.

Agus an sin ma their neach air bith ribh, Feuch, tha Crìosd an seo, no, Feuch, tha e an sin, na creidibh e:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan