Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 13:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir bidh àmhghar anns na làithean sin, amhail nach robh a leithid ann o thoiseach na cruitheachd a chruthaich Dia gus a‑nis, agus nach mò a bhios.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

O sibhse uile a tha a’ gabhail an rathaid, amhaircibh agus faicibh a bheil bròn sam bith cosmhail rim bhròn-sa a thugadh orm, on uair anns an do rinn an Tighearna mo smachdachadh ann an là a dhian-fheirge.

Ciod a thàirngeas mi mar fhianais ad aghaidh? Ciod an nì a shamhlaicheas mi riut, O nighean Ierusaleim? Ciod a choimeasas mi riut, a‑chum gun tugainn comhfhurtachd dhut, O òigh-nighean Shioin? Oir tha do bhriseadh mòr mar an fhairge; cò a dh’fhaodas do leigheas?

Seadh, tha peanas aingidheachd nighean mo shluaigh-sa nas mò na peanas peacadh Shòdoim, a thilgeadh bun-os‑cionn an tiota, agus air nach tàinig laigse làmh.

Agus anns an àm sin seasaidh Mìchael suas, am prionnsa mòr a tha a’ seasamh airson clann do shluaigh-sa; agus bidh aimsir carraid ann, mar nach robh riamh o bha cinneach ann, gus an uair sin fhèin: agus anns an àm sin saorar do shluagh-sa, gach aon a gheibhear sgrìobhte anns an leabhar.

Agus dhaingnich e a bhriathran a labhair e nar n‑aghaidh, agus an aghaidh ar britheamhan a thug breith oirnn, le dòrainn mhòr a thoirt oirnn; oir fo nèamh uile cha do rinneadh mar a rinneadh air Ierusalem.

Agus an ceann nan trì-fichead agus dà sheachdain, gearrar Mesiah as, ach chan ann air a shon fhèin: agus sgriosaidh sluagh a’ phrionnsa a thig a’ chathair, agus an naomh-ionad; agus bidh a chrìoch sin le tuil, agus gu deireadh a’ chogaidh tha lèirsgrios air òrdachadh.

Là dorchadais agus oglaidheachd: là neul agus tiugh-dhorchadais; mar an doilleireachd air a sgaoileadh air na slèibhtean, thig sluagh lìonmhor agus làidir: an leithid cha robh ann o shean, agus cha bhi nas mò nan dèidh, eadhon gu bliadhnachan mòran ghinealach.

Oir anns an àm sin bidh àmhghar mòr ann, amhail nach robh ann o thùs an domhain gus a‑nis, agus nach mò a bhios a‑chaoidh.

Gidheadh o thoiseach na cruitheachd, rinn Dia iad fear agus bean.

Agus guidhibh-se gun ur teicheadh a bhith anns a’ gheamhradh.

Agus mura giorraicheadh an Tighearna na làithean ud, cha rachadh feòil air bith as: ach airson an t‑sluaigh thaghte, a thagh e fhèin, ghiorraich e na làithean ud.

An sin nì an Tighearna do phlàighean iongantach, agus plàighean do shliochd, eadhon plàighean mòra agus maireannach, agus eucailean cràiteach agus fadalach.

Oir fiosraich a‑nis de na làithean a chaidh seachad, a bha romhad, on là air an do chruthaich Dia an duine air an talamh, agus fiosraich o aon iomall de nèamh gus an t‑iomall eile, an robh riamh nì sam bith ann mar an nì mòr seo, no an cualas nì cosmhail ris?

Agus thubhairt mi ris, A Thighearna, tha fhios agadsa. Agus thubhairt e rium, Is iad seo iadsan a thàinig à àmhghar mòr; agus nigh iad an trusgain, agus rinn iad geal iad ann am fuil an Uain.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan