Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 13:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach mo thruaighe iad na mnathan sin a tha torrach, agus iadsan a tha a’ toirt cìche anns na làithean sin!

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Bhruich làmhan nam ban iochdmhor an clann fhèin; b’iad am biadh ann an lèirsgrios nighean mo shluaigh.

Bidh Samaria na fàsach, oir rinn i ceannairc an aghaidh a Dè: tuitidh iad leis a’ chlaidheamh, brisear an naoidheanan nam bloighdean; agus reubar suas am mnathan torrach.

Thoir, O Thighearna. Ciod a bheir thu? Thoir dhaibh brù chaillteachd, agus cìochan seasga.

Agus thubhairt iad ris, An cluinn thu ciod a tha a’ mhuinntir sin ag ràdh? Agus thubhairt Iosa riu, Tha mi a’ cluinntinn; nach do leugh sibhse riamh, A beul naoidhean agus chìochran choilean thu moladh?

Agus an tì a tha anns a’ mhachair, na tilleadh e air ais a thogail a fhallaing leis.

Agus guidhibh-se gun ur teicheadh a bhith anns a’ gheamhradh.

Ach mo thruaighe na mnathan a bhios torrach, agus iadsan a bhios a’ toirt cìche anns na làithean sin! Oir bidh teanntachd mhòr anns an dùthaich, agus fearg air a’ phoball seo.

Oir feuch, tha na làithean a’ teachd anns an abair iad, Is beannaichte na mnathan neo-thorrach, agus na bronnan nach do ghiùlain clann, agus na cìochan nach tug bainne.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan