Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 13:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach nuair a chì sibh gràinealachd an lèirsgrios, air an do labhair Daniel am fàidh, na seasamh anns an ionad anns nach bu chòir dhi (tuigeadh an tì a leughas), an sin teicheadh iadsan a tha ann an tìr Iudèa a‑chum nam beann:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Shìn an nàmhaid a‑mach a làmh air a h‑uile nithean taitneach; gu deimhinn chunnaic i cinnich a’ dol a‑steach da h‑ionad naomh, don d’àithn thusa nach rachadh iad a‑steach dod choitheanal.

Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Cha tèid aon choigreach neo-thimcheall-gheàrrte na chridhe, no neo-thimcheall-gheàrrte na fheòil, a‑steach dom ionad naomh-sa, de choigreach air bith a tha am measg chloinn Israeil.

Agus seasaidh làmhan air a thaobh, agus truaillidh iad naomh-ionad an neirt, agus bheir iad air falbh an ìobairt làitheil, agus suidhichidh iad a’ ghràinealachd a chuireas fàs.

Agus on àm anns an toirear air falbh an ìobairt làitheil, agus an cuirear suas a’ ghràinealachd a nì lèirsgrios, bidh mìle, dà cheud, ceithir-fichead agus deich làithean.

An sin chuala mi aon naomh a’ labhairt, agus thubhairt naomh eile ris an naomh àraidh sin a labhair, Cia fhad a bhios an aisling mu thimcheall na h‑ìobairt làitheil, agus a bheirear thairis euceart gu milleadh, agus a bhios an naomh-ionad agus am feachd air an saltairt fo chois?

Agus daingnichidh esan an coicheangal ri mòran car aon seachdain: agus ann am meadhon na seachdain bheir e air an ìobairt agus air an tabhartas sgur; agus anns an teampall bidh gràinealachd an lèirsgrios, gus an coileanar an sgrios a dh’òrdaicheadh air a làraich fhàsail.

Thubhairt Iosa riu, An do thuig sibh na nithean seo uile? Thubhairt iad ris, Thuig, a Thighearna.

A bhràithrean, na bithibh-se nur leanaban ann an tuigse: gidheadh, ann am mìorun bithibh nur leanaban, ach ann an tuigse bithibh nur daoine foirfe.

Is beannaichte an tì a leughas, agus iadsan a dh’èisdeas ri briathran na fàidheadaireachd seo, agus a choimheadas na nithean a tha sgrìobhte innte: oir tha an t‑àm am fagas.

An seo tha gliocas. An tì aig a bheil tuigse, àirmheadh e àireamh an fhiadh-bheathaich: oir is àireamh duine e; agus is e a àireamh sia ceud agus trì-fichead agus sia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan