Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 13:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bheir am bràthair a bhràthair thairis a‑chum bàis, agus an t‑athair a mhac: agus èiridh a’ chlann suas an aghaidh am pàrantan, agus bheir iad fa‑near an cur gu bàs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus gairmidh mise airson claidheimh na aghaidh air feadh m’uile shlèibhtean, tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh; bidh claidheamh gach aon duine an aghaidh a bhràthar.

Agus bheir am bràthair a bhràthair fhèin suas a‑chum bàis, agus an t‑athair am mac; agus èiridh a’ chlann an aghaidh am pàrantan, agus bheir iad fa‑near gun cuirear gu bàs iad.

Agus an sin gabhaidh mòran oilbheum, agus brathaidh iad a chèile, agus bidh fuath aca da chèile.

Ach nuair a bheir iad leo sibh, gu ur tabhairt thairis, na biodh e na ro‑chùram oirbh ciod e a labhras sibh, agus na smaoinichibh ro‑làimh air: ach ge bè nì a bheirear dhuibh anns an uair sin fhèin, abraibh e: oir cha sibhse a tha a’ labhairt, ach an Spiorad Naomh.

Agus bidh sibh air ur fuathachadh leis na h‑uile dhaoine air sgàth m’ainme-sa: ach an tì a bhuanaicheas a‑chum na crìche, is e seo a shaorar.

Agus brathar sibh le ur pàrantan, agus le ur bràithrean, agus le ur luchd-dàimhe, agus le ur càirdean; agus bheir iad fa‑near cuid dhibh a chur gu bàs.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan