Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 13:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus is èiginn air tùs an soisgeul a bhith air a shearmonachadh do na h‑uile chinnich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Eiridh muinntir Ninebheh anns a’ bhreitheanas maille ris a’ ghinealach seo, agus dìtidh iad e, oir rinn iad aithreachas aig searmoin Iònais; agus, feuch, tha nas mò na Iònas an seo.

Agus bidh soisgeul seo na rìoghachd air a shearmonachadh air feadh an domhain uile, mar fhianais do na h‑uile chinnich: agus an sin thig a’ chrìoch.

Agus thubhairt e riu, Imichibh air feadh an t‑saoghail uile, agus searmonaichibh an soisgeul do gach dùil.

Air tùs, tha mi a’ toirt buidheachais dom Dhia tre Iosa Crìosd air ur son-se uile, do bhrìgh gu bheil ur creideamh iomraiteach air feadh an domhain gu lèir.

Ach tha mi ag ràdh, Nach cuala iad? Chuala gu deimhinn, chaidh am fuaim air feadh gach tìre a‑mach, agus am briathran gu iomallan an domhain.

Le cumhachd chomharraidhean agus mhìorbhailean, le cumhachd Spiorad Dhè; ionnas o Ierusalem agus mun cuairt gu Iliricum, gun do làn-shearmonaich mi soisgeul Chrìosd.

Ma dh’fhanas sibh anns a’ chreideamh bunaiteach agus daingeann, gun a bhith air ur n‑atharrachadh o dhòchas an t‑soisgeil, a chuala sibh, agus a shearmonaicheadh do gach uile chreutair a tha fo nèamh; air an do rinneadh mise Pòl am mhinistear.

A thàinig dur n‑ionnsaigh-se, mar anns an t‑saoghal uile; agus a tha a’ toirt toraidh uaithe, mar a tha e a’ dèanamh mar an ceudna nur measg-se, on là anns an cuala sibh e, agus anns an d’fhuair sibh eòlas air gràs Dhè ann am fìrinn.

Agus chunnaic mi aingeal eile, ag itealaich ann am meadhon nèimh, aig an robh an soisgeul sìorraidh ri shearmonachadh dhaibhsan a tha nan còmhnaidh air an talamh, agus do gach uile chinneach, agus threubh, agus theangaidh, agus shluagh,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan