Agus nuair a bha e a’ dol a‑mach as an teampall, thubhairt neach de a dheisciobail ris, A Mhaighistir, feuch ciod a’ ghnè chlach, agus ciod a’ ghnè aitreibh seo!
Agus thog na ceruban suas an sgiathan, agus chaidh iad suas on talamh ann am shealladh; nuair a chaidh iad a‑mach, bha na rothan mar an ceudna làimh riu; agus sheas iad aig doras geata an ear taigh an Tighearna, agus bha glòir Dia Israeil tharta os an cionn.
An sin chaidh glòir an Tighearna suas bhàrr a’ cheruib, agus sheas i os cionn stairsneach an taighe; agus lìonadh an taigh leis an neul, agus bha a’ chùirt làn de dhealradh glòir an Tighearna.
Agus thubhairt e rium, A mhic an duine, am faic thu ciod a tha iad a’ dèanamh? Na gràinealachdan mòra a tha taigh Israeil a’ cur an gnìomh an seo, a‑chum gun rachainn-sa am fad om naomh-ionad? Ach till fhathast, chì thu gràinealachdan as mò.