O mo shliabh anns a’ mhachair! Do mhaoin, agus do thaisgeachan gu h‑iomlan, bheir mi thairis don chreich; d’ionadan làidir airson peacaidh, air feadh d’uile chrìochan.
Oir, o èirigh na grèine gu ruig a dol sìos, bidh m’ainm-sa mòr am measg nan cinneach; agus anns gach àite tairgear tùis dom ainm-sa, agus tabhartas fìorghlan: oir bidh m’ainm mòr am measg nan cinneach, deir Tighearna nan sluagh.
Imichidh e an sin, agus bheir e leis seachd spioradan eile as miosa na e fhèin, agus thèid iad a‑steach agus gabhaidh iad còmhnaidh an sin: agus bidh staid dheireannach an duine sin nas miosa na a chiad staid. Is ann eadhon mar sin a thachras don ghinealach aingidh seo.
Uime sin tàrlaidh, mar a thàinig na h‑uile nithean matha oirbh, a gheall an Tighearna ur Dia dhuibh, mar sin gun toir an Tighearna oirbh na h‑uile nithean olca, gus an sgrios e sibh bhàrr an fhearainn mhaith seo a thug an Tighearna ur Dia dhuibh.