Agus rug iad air, agus mharbh iad e, agus thilg iad a‑mach as an fhìonlios e.
Eisdibh ri cosamhlachd eile: Bha fear-taighe àraidh ann, a phlanndaich fìonlios, agus chuir e gàrradh ma thimcheall, agus chladhaich e ionad-bruthaidh an fhìona ann, agus thog e tùr, agus shuidhich e air tuath e; agus chaidh e fhèin air choigrich.
Agus rug iad air, agus thilg iad a‑mach as an fhìonlios e, agus mharbh iad e.
Ach thubhairt an tuath sin nam measg fhèin, Is e seo an t‑oighre; thigibh, marbhamaid e, agus bidh an oighreachd againn fhèin.
Ciod e uime sin a nì tighearna an fhìonlios? Thig e agus sgriosaidh e an tuath sin, agus bheir e am fìonlios do dhaoine eile.
Agus thilg iad a‑mach as an fhìonlios e, agus mharbh iad e. Ciod uime sin a nì tighearna an fhìonlios riu?