Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 12:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach thubhairt an tuath sin nam measg fhèin, Is e seo an t‑oighre; thigibh, marbhamaid e, agus bidh an oighreachd againn fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus cuiridh mi naimhdeas eadar thusa agus a’ bhean, agus eadar do shìol-sa agus a sìol-se; bruthaidh esan do cheann, agus bruthaidh tusa a shàil-san.

Thigibh a‑nis matà, agus marbhamaid e, agus tilgeamaid e ann an sloc-eigin; agus their sinn, Chuir droch bhèist-eigin as dha: agus chì sinn ciod gus an tig a aislingean.

Mar seo deir an Tighearna, fear-saoraidh Israeil, a Thì naomh; ris-san a tha air a dhìmeas le daoine, ris-san don do ghabh an cinneach gràin; ri seirbhiseach an luchd-riaghlaidh. Chì rìghrean, agus èiridh iad suas; uachdarain, agus nì iad adhradh; airson an Tighearna a tha dìleas, agus tì naomh Israeil a roghnaich thu.

An sin nuair a chunnaic Herod gun do rinn na draoidhean fanaid air, las e le feirg ro‑mhòir, agus chuir e luchd-millidh uaithe agus mharbh e na bha de leanaban-mac ann am Betlehem, agus anns na crìochan uile, o aois dhà bhliadhna agus fodha, a rèir na h‑aimsir a dh’fhòghlaim e gu dìcheallach o na draoidhean.

Agus nuair a dhruid riu àm an toraidh, chuir e a sheirbhisich a dh’ionnsaigh na tuatha, a dh’fhaotainn a thoraidh.

Agus dh’iarr iad breith air, ach bha eagal an t‑sluaigh orra; oir thuig iad gum b’ann nan aghaidh fhèin a labhair e an cosamhlachd: agus air fhàgail dhaibh, dh’imich iad romhpa.

Fhathast uime sin, air dha aon mhac a bhith aige, a b’ionmhainn leis, chuir e esan mar an ceudna fa‑dheòidh dan ionnsaigh, ag ràdh, Bheir iad urram dom mhac.

Agus rug iad air, agus mharbh iad e, agus thilg iad a‑mach as an fhìonlios e.

An duine seo, a thugadh thairis le comhairle chinntich agus ro‑eòlas Dhè, ghlac sibhse, agus le làmhan dhroch dhaoine cheus agus mharbh sibh e:

Ag ràdh, Nach tug sinne geur-òrdagh dhuibh gun teagasg a dhèanamh anns an ainm seo? Agus, feuch, lìon sibh Ierusalem le ur teagasg, agus is àill leibh fuil an duine seo a tharraing oirnne.

Cò de na fàidhean air nach do rinn ur n‑athraichean geur-leanmhainn? Agus mharbh iad iadsan a ro‑fhoillsich teachd an Fhìrein ud; air an robh sibhse a‑nis nur luchd-brathaidh, agus nur mortairean:

Labhair e anns na làithean deireannach seo rinne le a Mhac, a dh’òrdaich e na oighre air na h‑uile nithean, tre an do chruthaich e fòs na saoghail;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan