Fhathast uime sin, air dha aon mhac a bhith aige, a b’ionmhainn leis, chuir e esan mar an ceudna fa‑dheòidh dan ionnsaigh, ag ràdh, Bheir iad urram dom mhac.
Agus thubhairt e, Na leag do làmh air a’ ghille, agus na dèan nì sam bith air: oir a‑nis tha mi fiosrach gu bheil eagal Dhè ort, do bhrìgh nach do chùm thu do mhac, eadhon d’aon mhac, uamsa.
Agus thubhairt esan, Gabh a‑nis do mhac, d’aon mhac Isaac, as ionmhainn leat, agus rach do thìr Mhoriah; agus thoir suas an sin e mar thabhartas-loisgte air aon de na beanntan a dh’innseas mise dhut.
Agus thubhairt sinne rim thighearna, Tha athair againn, seann duine, agus leanabh a sheann aoise, maothran: agus tha a bhràthair marbh, agus dh’fhàgadh esan na aonar de chloinn a mhàthar, agus tha gràdh aig a athair air.
Pògaibh am Mac air eagal gum bi fearg air, agus gun sgriosar sibh anns an t‑slighe, nuair a lasas ach gu beag a chorraich. Is beannaichte iadsan uile a dh’earbas as.
Feuch, bidh maighdeann torrach, agus beiridh i mac, agus bheir iad Emanuel mar ainm air, is ionnan sin ri ràdh, air eadar-theangachadh, Dia maille rinn.)
Tha na h‑uile nithean air an tabhairt thairis dhòmhsa lem Athair: agus chan aithne do neach air bith am Mac, ach don Athair: cha mhò as aithne do neach air bith an t‑Athair, ach don Mhac, agus do gach aon don àill leis a’ Mhac a fhoillseachadh.
Air dha a bhith fhathast a’ labhairt, feuch, thilg neul soillseach sgàil orra: agus, feuch, guth as an neul, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr-thlachd: èisdibh ris.
Ach dh’fhan Iosa na thosd. Agus fhreagair an t‑àrd-shagart agus thubhairt e ris, Tha mi gad mhionnachadh air an Dia bheò gun innseadh tu dhuinn an tu Crìosd, Mac Dhè.
Agus gun tàinig an Spiorad Naomh a‑nuas air ann an coslas corporra mar chalaman, agus gun tàinig guth o nèamh, ag ràdh, Is tusa mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr-thlachd.
Agus rinneadh am Facal na fheòil, agus ghabh e còmhnaidh nar measg-ne (agus chunnaic sinn a ghlòir, mar ghlòir aon-ghin Mhic an Athar), làn gràis agus fìrinn.
A‑chum gun tugadh na h‑uile dhaoine urram don Mhac, amhail a tha iad a’ toirt urraim don Athair. An tì nach eil a’ toirt urraim don Mhac, chan eil e a’ toirt urraim don Athair a chuir uaithe e.