Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 12:44

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir thilg iadsan uile ann dem mòr-phailteas; ach thilg ise as a gainne na bha aice uile, eadhon a beathachadh gu h‑iomlan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus air dha a dheisciobail a ghairm da ionnsaigh, thubhairt e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun do chuir a’ bhantrach bhochd seo tuilleadh anns an ionmhas na iadsan uile a thilg ann.

Rinn i na dh’fhaodadh i; thàinig i ro‑làimh a dh’ungadh mo chuirp a‑chum adhlaic.

Agus thubhairt am mac a b’òige dhiubh ra athair, Athair, thoir dhòmhsa a’ chuid-roinn a thig orm ded mhaoin. Agus roinn e eatorra a bheathachadh.

Ach nuair a thàinig do mhac seo, a dh’ith suas do bheathachadh maille ri strìopaichean, mharbh thu an laogh biadhte dha.

Agus thàinig bean air an robh dòrtadh fala dà‑bhliadhna-dheug, agus a chaith a beathachadh uile ri lèighean, agus nach b’urrainn a bhith air a leigheas le neach air bith.

Cha ghabh duine sam bith a’ chlach-mhuilinn ìochdarach no uachdarach mar gheall: oir tha e a’ gabhail anam duine mar gheall.

Agus ge bè neach aig a bheil maoin an t‑saoghail seo, agus a chì a bhràthair ann an uireasbhaidh, agus a dhruideas a chridhe na aghaidh, cionnas a tha gràdh Dhè a’ gabhail còmhnaidh annsan?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan