Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 12:42

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air teachd do bhantraich bhochd, thilg i dà bhonn bheag ann, a nì feòirling.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Is truagh nach robh thu mar mo bhràthair, a dheoghail cìochan mo mhàthar! Nam faighinn a‑muigh thu, phògainn thu, agus cha dèante tàir orm.

Agus ge bè a bheir cupan de uisge fuar a‑mhàin ra òl do aon den mhuinntir bhig seo, an ainm deisciobail, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach caill e air chor sam bith a dhuais.

Tha mi ag ràdh riut gu fìrinneach nach tèid thu a‑mach as a sin gus an ìoc thu an fheòirling dheireannach.

Agus air do Iosa suidhe fa chomhair àite-coimhead an ionmhais, thug e fa‑near cionnas a bha am poball a’ cur an airgid anns an ionmhas: agus chuir mòran de dhaoine saoibhir mòran ann.

Agus air dha a dheisciobail a ghairm da ionnsaigh, thubhairt e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun do chuir a’ bhantrach bhochd seo tuilleadh anns an ionmhas na iadsan uile a thilg ann.

Tha mi ag ràdh riut nach tèid thu a‑mach as a sin, gus an ìoc thu eadhon a’ phèighinn dheireannach.

Agus chunnaic e mar an ceudna bantrach bhochd àraidh a’ tilgeadh dà leth-fheòirling an sin.

Oir ma bhios air tùs inntinn thoileach ann, gabhar ris a rèir mar a tha aig neach, agus chan ann a rèir nan nithean nach eil aige.

Eadhon gu robh, ann am mòr-dhearbhadh àmhghair, pailteas an aoibhneis, agus doimhne am bochdainn, ro‑phailt a‑chum saoibhreas am fialaidheachd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan