Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 12:41

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air do Iosa suidhe fa chomhair àite-coimhead an ionmhais, thug e fa‑near cionnas a bha am poball a’ cur an airgid anns an ionmhas: agus chuir mòran de dhaoine saoibhir mòran ann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Ach ghabh Iehoiada an sagart ciste, agus rinn e toll na h‑uachdar, agus chuir e i ri taobh na h‑altarach air an làimh dheis, mar a thig duine a‑steach do thaigh an Tighearna: agus ann an sin chuir na sagartan a bha a’ gleidheadh an dorais an t‑airgead uile a thugadh a‑steach do thaigh an Tighearna.

Agus ghlac na h‑àrd-shagartan na buinn airgid, agus thubhairt iad, Cha chòir an cur anns an ionmhas, oir is luach fala iad.

Agus air teachd do bhantraich bhochd, thilg i dà bhonn bheag ann, a nì feòirling.

Labhair Iosa na briathran seo ann an taigh-coimhead an ionmhais, a’ teagasg dha anns an teampall: agus cha do chuir duine air bith làmh ann; oir cha robh a uair fhathast air teachd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan