Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 12:40

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A dh’itheas suas taighean bhantrach, agus air sgàth deagh choslais a nì ùrnaighean fada: gheibh iad sin an dìteadh as mò.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Tha co‑bhoinn fhàidhean na mheadhon; mar leòmhann beucach an tòir air a’ chreich: shluig iad anaman: ghlac iad an t‑ionmhas agus na nithean luachmhor: rinn iad a bhantraichean lìonmhor na mheadhon.

Agus tha iad a’ sanntachadh mhachraichean, agus gan glacadh le fòirneart; agus thaighean, agus tha iad gan toirt air falbh: mar sin tha iad a’ sàrachadh duine agus a thaighe, duine mhòir agus a oighreachd.

Ach is an‑aoibhinn dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean, do brìgh gu bheil sibh a’ druideadh rìoghachd nèimh an aghaidh dhaoine: oir cha tèid sibh fhèin a‑steach, agus chan fhuiling sibh don dream a tha a’ dol a‑steach dol ann.

Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean; oir tha sibh ag ithe suas taighean bhantrach, agus air sgàth deagh choslais a’ dèanamh ùrnaighean fada; uime sin gheibh sibh an dìteadh as mò.

A nathraichean, a shìol nan nathraichean nimhe, cionnas a dh’fhaodar leibh a dhol as o dhamnadh ifrinn?

Ach nuair a nì sibh ùrnaigh na gnàthaichibh ath-iarrtasan dìomhain, mar na cinnich: oir saoilidh iadsan gun èisdear riu airson lìonmhorachd am briathar.

Agus na ciad chathraichean anns na sionagogan, agus na ciad àiteachan-suidhe aig na fèillean;

A shluigeas suas taighean bhantrach, agus air sgàth deagh choslais a nì ùrnaighean fada: gheibh iad sin an dìteadh as mò.

Oir fuilingidh sibh ma bheir neach an daorsa sibh, ma dh’itheas neach sibh, ma bheir neach ur cuid dhibh, ma dh’òrdaicheas neach e fhèin, ma bhuaileas neach air an aghaidh sibh.

Oir is ann dhiubh seo a tha an dream sin a dh’èalaidheas a‑steach do thaighean, agus a bheir leo ann am braighdeanas mnathan suarach air an uallachadh le peacaidhean, air an iomain le iomadh gnè ana-mianna,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan