Agus a‑rìs chuir e seirbhiseach eile dan ionnsaigh: agus chlach iad e, agus reub iad a cheann, agus chuir iad uapa e le eas-urram.
Uime sin ghlac Hanun seirbhisich Dhaibhidh, agus bheàrr e iad, agus gheàrr e an aodach anns a’ mheadhon, gu ruig am màsan; agus chuir e air falbh iad.
Ach brisidh Dia ceann a naimhdean, claigeann greannach an fhir a dh’imicheas na pheacaidhean.
Ach air dhaibhsan a ghlacadh, bhuail iad e, agus chuir iad uapa falamh e.
Agus a‑rìs chuir e neach eile dan ionnsaigh; agus esan mharbh iad: agus mòran eile, a’ bualadh cuid dhiubh, agus a’ marbhadh cuid eile.
Agus a‑rìs chuir e seirbhiseach eile uaithe; agus ghabh iad airsan mar an ceudna, agus mhaslaich iad e, agus chuir iad uapa falamh e.