Agus na ciad chathraichean anns na sionagogan, agus na ciad àiteachan-suidhe aig na fèillean;
An sin labhair Iosa ris an t‑sluagh, agus ra dheisciobail fhèin,
Agus is ionmhainn leo na ciad ionadan-suidhe anns na fèillean, agus na ciad chathraichean anns na coitheanail,
Agus thubhairt e riu na theagasg, Bithibh air ur faicill o na sgrìobhaichean, leis an ionmhainn imeachd ann an culaidhean fada agus fàilte fhaotainn air na margaidhean;
A dh’itheas suas taighean bhantrach, agus air sgàth deagh choslais a nì ùrnaighean fada: gheibh iad sin an dìteadh as mò.