Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 12:37

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Air an adhbhar sin, tha Daibhidh fhèin a’ gairm a Thighearna dheth; cionnas mas eadh is e a mhac e? Agus dh’èisd am mòr-shluagh ris gu taitneach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Feuch, bidh maighdeann torrach, agus beiridh i mac, agus bheir iad Emanuel mar ainm air, is ionnan sin ri ràdh, air eadar-theangachadh, Dia maille rinn.)

Anns an àm sin fhreagair Iosa agus thubhairt e, Tha mi a’ toirt buidheachais dhut, O Athair, a Thighearna nèimh agus na talmhainn, airson gun d’fhalaich thu na nithean seo o dhaoine eagnaidh agus tuigseach, agus gun d’fhoillsich thu iad do leanaban.

Tha na doill a’ faotainn am fradhairc, agus na bacaich ag imeachd, tha na lobhair air an glanadh, agus na bodhair a’ cluinntinn, tha na mairbh air an dùsgadh, agus an soisgeul air a shearmonachadh do na bochdan.

Agus nuair a chuala na h‑àrd-shagartan agus na Pharasaich a chosamhlachdan-san, thuig iad gum b’ann mun timcheall fhèin a labhair e.

Ach nuair a bu mhiann leo breith air, bha eagal a’ phobaill orra, oir bha meas fàidh acasan air.

Gidheadh cha robh fhios aca ciod a dhèanadh iad: oir bha am poball uile ag èisdeachd ris le ro‑aire.

Agus thàinig an sluagh uile gu moch da ionnsaigh anns an teampall, a dh’èisdeachd ris.

Agus bha fhios aig sluagh mòr de na h‑Iùdhaich gu robh e an sin: agus thàinig iad, chan ann a‑mhàin airson Iosa, ach a‑chum gum faiceadh iad mar an ceudna Làsaras, a thog esan o na mairbh.

Dom buin na h‑athraichean, agus o a bheil Crìosd a‑thaobh na feòla, neach as e Dia os cionn nan uile, beannaichte gu sìorraidh. Amen.

Agus gun amharas is mòr rùn-diamhair na diadhachd: dh’fhoillsicheadh Dia anns an fheòil, dh’fhìreanaicheadh e anns an Spiorad, chunnacas le ainglean e, shearmonaicheadh e do na Cinnich, chreideadh ann air an t‑saoghal, ghabhadh suas e a‑chum glòire.

Eisdibh, mo bhràithrean gràdhach, nach do thagh Dia bochdan an t‑saoghail seo saoibhir ann an creideamh, agus nan oighreachan air an rìoghachd, a gheall e dhaibhsan a ghràdhaicheas e?

Chuir mise Iosa m’aingeal a dhèanamh fianais dhuibhse air na nithean seo anns na h‑eaglaisean. Is mise freumh agus gineal Dhaibhidh, an reul dhealrach agus mhaidne.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan