Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 12:36

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir thubhairt Daibhidh fhèin tron Spiorad Naomh, Thubhairt an Tighearna rim Thighearna-sa, Suidh air mo làimh dheis, gus an cuir mi do naimhdean nan stòl fod chasan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Labhair spiorad an Tighearna tromhamsa, agus a fhacal air mo theangaidh.

Agus ghiùlain thu leo rè iomadh bliadhna, agus rinn thu fianais nan aghaidh led spiorad le làimh d’fhàidhean: ach chan èisdeadh iad, agus thug thu thairis iad do làimh sluaigh nan tìrean.

Thubhairt an Tighearna rim Thighearna, Suidh aig mo dheaslàimh, gus an cuir mi do naimhdean nan stòl fod chasan.

Na tugaibh air an talamh, oir is e stòl a chas e: na tugaibh air Ierusalem, oir is e baile an rìgh mhòir e.

Fheara agus a bhràithrean, b’èiginn an sgriobtar seo a bhith air a choileanadh, a ro‑labhair an Spiorad Naomh le beul Dhaibhidh timcheall Iùdais, a bha na cheann-iùil acasan a ghlac Iosa.

Agus air dhaibh a bhith an aghaidh a chèile, sgaoil iad, air do Phòl aon fhacal a ràdh, Is math a labhair an Spiorad Naomh tre an fhàidh Esaias, ri ar n‑athraichean.

Oir is èiginn gun rìoghaich e gus an cuir e a naimhdean uile fo a chasan.

Tha an sgriobtar uile air a dheachdadh le Spiorad Dhè, agus tha e tairbheach a‑chum teagaisg, a‑chum spreigeadh, a‑chum leasachaidh, a‑chum oilein ann am fìreantachd:

Ach cò de na h‑ainglean ris an dubhairt e uair air bith, Suidh air mo dheaslàimh, gus an cuir mi do naimhdean nan stòl-chas fod chasan?

A‑rìs, tha e a’ suidheachadh là àraidh, ag ràdh ann an Daibhidh, An‑diugh, an dèidh aimsir cho fada; mar a theirear, An‑diugh, ma chluinneas sibh a ghuth, na cruadhaichibh ur cridhe.

A’ rannsachadh ciod i, no ciod a’ ghnè aimsir a bha Spiorad Chrìosd anntasan a’ foillseachadh, nuair a rinn e fianais ro‑làimh air fulangasan Chrìosd, agus a’ ghlòir a bha gu an leantainn.

Oir cha tàinig an fhàidheadaireachd a rèir toil duine o shean: ach labhair daoine naomha Dhè, mar a sheòladh iad leis an Spiorad Naomh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan