Agus nuair a chunnaic Iosa gun do fhreagair e gu tuigseach, thubhairt e ris, Chan eil thu fada o rìoghachd Dhè. Agus cha robh de mhisnich aig neach air bith o sin suas ceist a chur air.
Ach nuair a thuig Iosa seo, dh’imich e as a sin: agus lean slòigh mhòra e, agus leighis e iad uile.
Cha bhris e a’ chuilc bhrùite, agus cha mhùch e an lìon as am bi deatach, gus an tabhair e a‑mach breitheanas a‑chum buaidh.
Agus cha b’urrainn aon neach freagradh sam bith a thabhairt air; cha mhò a bha chridhe aig aon neach, on là sin suas, nì air bith fheòrach dheth.
Agus cha robh a chridhe aca tuilleadh nì sam bith fheòraich dheth.
Oir bha mise beò as eugmhais an lagha uair-eigin: ach air teachd don àithne, dh’ath-bheothaich am peacadh, agus fhuair mise bàs.
Oir tha mise tre an lagh marbh don lagh, a‑chum gum bithinn beò do Dhia.
Biodh ur còmhradh a‑ghnàth ann an gràs, air a dhèanamh blasda le salann, a‑chum gum bi fhios agaibh cionnas as còir dhuibh gach neach a fhreagairt.