Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 12:33

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus esan a ghràdhachadh leis an uile chridhe, agus leis an uile thuigse, agus leis an uile anam, agus leis an uile neart, agus neach a ghràdhachadh a choimhearsnaich mar e fhèin, is mò sin na na h‑uile làn ìobairtean-loisgte agus thabhartas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Esan a dh’ìobras moladh, bheir e glòir dhòmhsa; agus dhàsan a dh’òrdaicheas a shlighe, nochdaidh mi slàinte Dhè.

Ceartas a dhèanamh agus breitheanas, is roghnaiche leis an Tighearna na ìobairt.

Oir dh’iarr mise tròcair, agus chan e ìobairt, agus eòlas Dhè nas mò na ìobairtean-loisgte.

Agus nam biodh fhios agaibh ciod as ciall dha seo, Tròcair as àill leam agus chan ìobairt, cha dìteadh sibh an dream a tha neochiontach.

Ach imichibh agus fòghlamaibh ciod as ciall dha seo, Tròcair is àill leam, agus chan ìobairt: oir cha tàinig mise a ghairm nam fìreanach, ach nam peacach a‑chum aithreachais.

Agus gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam, agus led uile neart.

Air dha a ràdh roimhe sin, Ìobairt, agus tabhartas, agus ìobairtean-loisgte, agus ìobairt airson peacaidh cha b’àill leat, agus cha robh do thlachd annta (a tha air an toirt suas a rèir an lagha);

Agus thubhairt Samuel, A bheil tlachd aig an Tighearna ann an tabhartasan-loisgte agus an ìobairtean, mar ann an ùmhlachd do ghuth an Tighearna? Feuch, is fheàrr ùmhlachd na ìobairt, agus aire a thabhairt na saill reitheachan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan