Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 12:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an sgrìobhaiche ris, Is math gu fìrinneach, a Mhaighistir, a thubhairt thu: oir tha aon Dia ann, agus chan eil atharrach ann ach e fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Na biodh eagal oirbh, agus na biodh geilt oirbh; nach d’fhoillsich mise dhut on àm ud, agus nach d’innis mi? Seadh, is fianaisean sibh dhomh. A bheil dia ann ach mise? Seadh chan eil dia eile ann; chan aithne dhomh aon.

Mar seo deir an Tighearna, Saothair na h‑Eiphit, agus ceannachd Etiopia, agus na Sabeich, daoine àrda ann an cruth; thig iad thairis ad ionnsaigh, agus bidh iad leat; leanaidh iad thu; ann an cuibhrichean thig iad thairis; agus cromaidh iad sìos dhut, agus cuiridh iad suas athchuinge riut; ag ràdh, Gu deimhinn annadsa tha Dia; agus chan eil Dia eile ann.

Oir mar seo deir an Tighearna, a chruthaich na nèamhan; esan, eadhon Dia, a dhealbh an talamh agus a rinn e, esan a dhaingnich e (cha do chruthaich e gu dìomhain e, dhealbh e e gu bhith air àiteachadh): Is mise an Tighearna, agus chan eil atharrachadh ann.

Cuimhnichibh na ciad nithean, a bha ann o shean; oir is mise Dia, agus chan eil atharrachadh ann; is mise Dia agus chan eil mo shamhail ann;

Agus fhreagair Iosa e, Is i seo a’ chiad àithne de na h‑àitheantan uile. Èisd, O Israeil, an Tighearna ar Dia-ne is aon Tighearna e;

Agus esan a ghràdhachadh leis an uile chridhe, agus leis an uile thuigse, agus leis an uile anam, agus leis an uile neart, agus neach a ghràdhachadh a choimhearsnaich mar e fhèin, is mò sin na na h‑uile làn ìobairtean-loisgte agus thabhartas.

Dhutsa nochdadh e, a‑chum gum biodh fios agad gur e an Tighearna as Dia ann; chan eil ann ach e.

Biodh agad fios uime sin an‑diugh, agus thoir fa‑near ad chridhe, gur e an Tighearna as Dia ann air nèamh shuas, agus air an talamh a‑bhos: chan eil ann ach e.

Na biodh diathan sam bith eile agad am fhianais.

Eisd, O Israeil: An Tighearna ar Dia-ne, is aon Tighearna e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan