Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 12:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Chan e Dia nam marbh e, ach Dia nam beò: tha sibhse uime sin ann am mearachd mòr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Sguir, a mhic, a dh’èisdeachd ris an teagasg a chuireas air seachran o bhriathran an eòlais.

Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Tha sibh air seachran, gun eòlas agaibh air na sgriobtairean, no air cumhachd Dhè:

Is mise Dia Abrahàim, agus Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib? Chan e Dia Dia nam marbh, ach nam beò.

Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Nach eil sibh uime sin ann am mearachd, do bhrìgh nach eil eòlas agaibh air na sgriobtairean no air cumhachd Dhè?

A‑nis chan e Dia nam marbh e, ach nam beò: oir tha na h‑uile beò dhàsan.

Oir is ann a‑chum seo a fhuair Crìosd bàs, agus a dh’èirich e, agus a tha e beò a‑rìs, a‑chum gum biodh e na Thighearna air a’ bheò agus air a’ mharbh.

(A rèir mar a tha e sgrìobhte, Dh’òrdaich mi thu ad athair mòran chinneach), na làthair-san anns an do chreid e, eadhon Dia, a tha a’ beothachadh nam marbh, agus a tha a’ gairm nan nithean sin nach eil idir ann mar gum biodh iad ann:

Uime sin bha diomb orm ris a’ ghinealach sin, agus thubhairt mi, Tha iad a‑ghnàth air seachran nan cridhe; agus cha do ghabh iad eòlas air mo shlighean-sa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan