Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Nach eil sibh uime sin ann am mearachd, do bhrìgh nach eil eòlas agaibh air na sgriobtairean no air cumhachd Dhè?
Ach mu thimcheall nam marbh, gun èirich iad, nach do leugh sibh ann an leabhar Mhaois, cionnas a labhair Dia ris anns a’ phreas, ag ràdh, Is mise Dia Abrahàim, agus Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib?
A mhuinntir mo ghràidh, a‑nis is sinne mic Dhè; agus chan eil e soilleir fhathast ciod a bhios sinn: ach tha fhios againn, nuair a dh’fhoillsichear esan, gum bi sinn cosmhail ris; oir chì sinn e mar a tha e.