Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 12:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach air dhàsan an cealg a thuigsinn, thubhairt e riu, Carson a tha sibh gam bhuaireadh? Thugaibh pèighinn am ionnsaigh, a‑chum gum faic mi i.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

A mhic an duine, cuir a‑mach tòimhseachan, agus labhair cosamhlachd ri taigh Israeil;

Agus an dèidh dha còrdadh ris an luchd-obrach air pèighinn Ròmanaich anns an là, chuir e da ghàrradh-fìona iad.

Ach air tuigsinn am mìoruin do Iosa, thubhairt e, Carson a tha sibh gam bhuaireadh, a chealgairean?

Agus thàinig na Pharasaich da ionnsaigh, agus dh’fheòraich iad dheth ga dhearbhadh, A bheil e ceadaichte do dhuine a bhean a chur air falbh?

Agus air dhaibhsan teachd, thubhairt iad ris, A Mhaighistir, tha fhios againn gu bheil thusa fìrinneach, agus nach eil suim agad de neach air bith: oir chan eil thu ag amharc air gnùis dhaoine, ach a’ teagasg slighe Dhè ann am fìrinn. A bheil e ceadaichte cìs a thoirt do Chèasar no nach eil? An tabhair no nach tabhair sinn i?

Agus thug iad da ionnsaigh i. Agus thubhairt e riu, Cò dom buin an ìomhaigh seo, agus an sgrìobhadh seo? Agus thubhairt iadsan ris, Do Chèasar.

Ach thuig esan an cuilbheartachd, agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh gam bhuaireadh?

Thubhairt e ris an treas uair, A Shìmoin mhic Iònais, an toigh leat mise? Bha Peadar duilich a chionn gun dubhairt e ris an treas uair, An toigh leat mise? Agus thubhairt e ris, A Thighearna, is aithne dhut na h‑uile nithean: tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt Iosa ris, Beathaich mo chaoraich.

Thubhairt iad seo ga dhearbhadh, a‑chum gum biodh aca cùis-chasaid na aghaidh. Ach chrom Iosa sìos, agus sgrìobh e le a mheur air an làr (mar nach biodh e gan cluinntinn).

An sin thubhairt Peadar rithe, Carson a cho-aontaich sibh Spiorad an Tighearna a dhearbhadh? Feuch, tha casan na muinntir a dh’adhlaic d’fhear aig an doras, agus giùlainidh iad thusa a‑mach.

Agus na dearbhamaid Crìosd, mar a dhearbh cuid dhiubhsan, agus a sgriosadh iad le nathraichean nimhe.

Agus chan eil creutair sam bith nach eil follaiseach na làthair-san: ach tha na h‑uile nithean lomnochd, agus fosgailte do shùilean an Tì dom feum sinn cunntas a thabhairt.

Agus marbhaidh mi a clann leis a’ bhàs; agus bidh fhios aig na h‑eaglaisean uile gur mise an Tì sin a sgrùdas na h‑àirnean agus na cridheachan: agus bheir mi do gach aon agaibhse a rèir ur n‑obraichean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan