Gu cinnteach chan eil draoidheachd an aghaidh Iàcoib, cha mhò a tha fhiosachd an aghaidh Israeil: a rèir na h‑aimsir seo theirear mu Iàcob, agus mu Israel, Ciod a dh’obraich Dia!
Thubhairt Iosa riu, Nach do leugh sibh riamh anns na sgriobtairean, A’ chlach a dhiùlt na clachairean, rinneadh i na cloich-chinn na h‑oisne: is e an Tighearna a rinn seo, agus tha e iongantach nar sùilean-ne?
Agus gun amharas is mòr rùn-diamhair na diadhachd: dh’fhoillsicheadh Dia anns an fheòil, dh’fhìreanaicheadh e anns an Spiorad, chunnacas le ainglean e, shearmonaicheadh e do na Cinnich, chreideadh ann air an t‑saoghal, ghabhadh suas e a‑chum glòire.