Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 11:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghlaodh iadsan a bha ag imeachd roimhe, agus iadsan a bha ga leantainn, ag ràdh, Hosanna, is beannaichte an tì a tha a’ teachd ann an ainm an Tighearna!

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus thog an sluagh a bha roimhe agus na dhèidh iolach, ag ràdh, Hosanna do Mhac Dhaibhidh! Beannaichte gu robh an Tì a thig ann an ainm an Tighearna! Hosanna anns na h‑àrdan!

Oir tha mise ag ràdh ribh nach faic sibh mise o seo suas, gus an abair sibh, Is beannaichte an Tì a thig ann an ainm an Tighearna.

Agus sgaoil mòran am fallaingean fhèin air an t‑slighe: agus gheàrr cuid eile geugan de na craobhan, agus sgaoil iad air an t‑slighe iad.

Ghlac iad geugan pailme, agus chaidh iad a‑mach na chòdhail, agus ghlaodh iad, Hosanna, beannaichte gu robh Rìgh Israeil a tha a’ teachd ann an ainm an Tighearna!

Ach ghlaodh iadsan a‑mach, Beir uainn, beir uainn, ceus e. Thubhairt Pilat riu, An ceus mi ur rìgh-se? Fhreagair na h‑àrd-shagartan, Chan eil rìgh againne ach Cèasar.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan