Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 11:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’imich iad, agus fhuair iad an searrach ceangailte a‑muigh aig an doras, aig coinneachadh dà shlighe; agus dh’fhuasgail iad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Ag ràdh riu, Rachaibh don bhaile a tha thall fa ur comhair, agus air ball gheibh sibh asal ceangailte ann, agus loth maille rithe: fuasglaibh, agus thugaibh am ionnsaigh iad.

Agus rinn na deisciobail mar a dh’òrdaich Iosa dhaibh, agus dheasaich iad a’ chàisg.

Agus ma their neach air bith ribh, Carson a tha sibh a’ dèanamh seo? Abraibh gu bheil feum aig an Tighearna air; agus air ball cuiridh e an seo e.

Agus thubhairt cuid dhiubhsan, a bha nan seasamh an sin, riu, Carson a tha sibh a’ fuasgladh an t‑searraich?

Thubhairt a mhàthair ris an luchd-frithealaidh, Ge bè nì a their e ribh, dèanaibh e.

Tre chreideamh, nuair a ghairmeadh Abrahàm gu dol a‑mach do ionad a bha e gu fhaotainn an dèidh sin mar oighreachd, fhreagair e; agus dh’imich e a‑mach gun fhios a bhith aige càit an robh e a’ dol.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan