Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 11:33

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air freagairt dhaibh, thubhairt iad ri Iosa, Chan eil fhios againn. Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Cha mhò a dh’innseas mise dhuibhse ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil mi a’ dèanamh nan nithean seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

A tha a’ glacadh nan daoine glice nan cuilbheartachd fhèin, air chor is gun tilgear sìos comhairle nan daoine fiara.

Is aithne don damh a shealbhadair, agus don asail prasach a maighistir; ach chan aithne do Israel; chan eil mo shluagh-sa a’ toirt fa‑near.

Tha a luchd-faire dall, gach aon dhiubh; tha iad aineolach, gach aon dhiubh; is coin bhalbh iad nach urrainn tabhannaich; a’ tuiteam nan cadal, gan sìneadh fhèin sìos, leis an ionmhainn cadal.

Tha mo shluagh-sa air an sgrios le dìth eòlais. A chionn gun do chuir thu cùl ri eòlas, cuiridh mise fòs cùl riutsa, air chor is nach bi thu agam ad shagart: a chionn gun do dhearmaid thu lagh do Dhè, dearmadaidh mise fòs do chlann-sa.

Leigibh leo: is cinn-iùil dhall nan dall iad. Agus ma threòraicheas dall dall eile, tuitidh iad araon anns a’ chlais.

Tha ginealach aingidh agus adhaltranach ag iarraidh comharraidh, agus cha toirear comharradh dhaibh, ach comharradh an fhàidh Iònas. Agus air dha am fàgail, dh’imich e as a sin.

Agus fhreagair iad Iosa, agus thubhairt iad, Chan eil fhios againn. Agus thubhairt esan riu, Cha mhò a dh’innseas mise dhuibhse ciod an t‑ùghdarras leis a bheil mi a’ dèanamh nan nithean seo.

Ach ma their sinn, O dhaoine; bha eagal an t‑sluaigh orra; oir b’e meas nan uile air Eòin gum b’fhàidh e gu fìrinneach.

Agus thòisich e air labhairt riu ann an cosamhlachdan. Shuidhich duine àraidh fìonlios, agus chuir e gàrradh mun cuairt air, agus chladhaich e ionad-bruthaidh nam fìondhearc, agus thog e tùr, agus shuidhich e air tuath e, agus ghabh e a thuras as a dhùthaich.

Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, A bheil thusa ad fhear-teagaisg Israeil, agus nach aithne dhut na nithean seo?

Fhreagair e iad, Dh’innis mi dhuibh cheana, agus cha d’èisd sibh; carson a b’àill leibh a chluinntinn a‑rìs? A bheil a’ mhiann oirbhse a bhith nur deisciobail aige mar an ceudna?

Agus amhail mar nach bu taitneach leo eòlas Dhè a chumail, thug Dia thairis iad do inntinn mhì-chèillidh, a dhèanamh nithean nach robh iomchaidh:

Ach eadhon gus an là‑an‑diugh, nuair a leughar Maois, tha an còmhdach air an cridhe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan