Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 11:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach ma their sinn, O dhaoine; bha eagal an t‑sluaigh orra; oir b’e meas nan uile air Eòin gum b’fhàidh e gu fìrinneach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Ach ciod e an nì a chaidh sibh a‑mach a dh’fhaicinn? An e fàidh? Seadh, tha mi ag ràdh ribh, agus nas mò na fàidh.

Agus nuair a bu mhiann leis a chur gu bàs, bha eagal a’ phobaill air, oir bha meas fàidh aca air.

Ach nuair a bu mhiann leo breith air, bha eagal a’ phobaill orra, oir bha meas fàidh acasan air.

Agus bha iad a’ reusonachadh eatorra fhèin, ag ràdh, Ma their sinn, O nèamh; their esan rinn, Carson mas eadh nach do chreid sibh e?

Agus air freagairt dhaibh, thubhairt iad ri Iosa, Chan eil fhios againn. Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Cha mhò a dh’innseas mise dhuibhse ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil mi a’ dèanamh nan nithean seo.

Agus dh’iarr iad breith air, ach bha eagal an t‑sluaigh orra; oir thuig iad gum b’ann nan aghaidh fhèin a labhair e an cosamhlachd: agus air fhàgail dhaibh, dh’imich iad romhpa.

Oir bha eagal Eòin air Herod, air dha fios a bhith aige gum bu duine ceart agus naomh e, agus thug e fa‑near e; agus nuair a chuala e e, rinn e mòran de nithean air a chomhairle, agus dh’èisd e ris gu toileach.

Agus anns an uair sin fhèin dh’iarr na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean làmh a chur ann; ach bha eagal an t‑sluaigh orra; oir thuig iad gum b’ann nan aghaidh fhèin a labhair e an cosamhlachd seo.

Agus bha na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean ag iarraidh cionnas a dh’fhaodadh iad esan a chur gu bàs; oir bha eagal an t‑sluaigh orra.

Agus thàinig mòran da ionnsaigh, agus thubhairt iad, Cha do rinn Eòin aon mhìorbhail: ach bha na h‑uile nithean a thubhairt Eòin mun duine seo fìor.

An sin dh’imich an ceannard maille ris na maoir, agus thug e leis iad gun ainneart: (oir bha eagal orra ron t‑sluagh, gum biodh iad air an clachadh leo).




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan