Agus thubhairt e riu, Rachaibh don bhaile ud thall far comhair; agus air ball nuair a thèid sibh a‑steach ann, gheibh sibh searrach ceangailte, air nach do shuidh aon duine riamh; fuasglaibh e, agus thugaibh leibh e.
Cha mhò a bheirear adhradh dha le làmhan dhaoine, mar gum biodh uireasbhaidh nì sam bith air; oir is e fhèin a tha a’ toirt do na h‑uile beatha, agus anail, agus nan uile nithean:
Oir is aithne dhuibh gràs ar Tighearna Iosa Crìosd, ged a bha e saoibhir, gidheadh gun do rinneadh bochd e air ur son-se, a‑chum gum biodh sibhse saoibhir tre a bhochdainn-san.