Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 11:28

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt iad ris, Ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil thu a’ dèanamh nan nithean seo? Agus cò a thug dhut an t‑ùghdarras seo a‑chum na nithean seo a dhèanamh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e, Cò a rinn thusa ad uachdaran agus ad bhritheamh oirnne? Am miann leat mise a mharbhadh, mar a mharbh thu an t‑Eiphiteach? Agus ghabh Maois eagal, agus thubhairt e, Gu cinnteach tha an nì seo aithnichte.

An nì beag e gun tug thu a‑nìos sinn à talamh a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil, gar marbhadh anns an fhàsach, mura dèan thu thu fhèin gu h‑iomlan ad uachdaran os ar cionn?

Agus chruinnich iad iad fhèin an ceann a chèile an aghaidh Mhaois agus an aghaidh Aaroin, agus thubhairt iad riu, Tha sibh a’ gabhail tuilleadh is a chòir oirbh fhèin, do bhrìgh gu bheil an co‑chruinneachadh uile naomh gach aon dhiubh, agus tha an Tighearna nam measg: carson uime sin a tha sibh gur togail fhèin suas os cionn co‑chruinneachadh an Tighearna?

Agus thàinig iad a‑rìs gu Ierusalem: agus air dhàsan a bhith a’ spaisdearachd anns an teampall, thàinig da ionnsaigh na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus na seanairean,

Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Feòraichidh mise mar an ceudna aon nì dhibhse, agus freagraibh mi, agus innsidh mise dhuibhse ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil mi a’ dèanamh nan nithean seo.

A dhaoine rag-mhuinealach, agus neo-thimcheall-gheàrrte ann an cridhe agus ann an cluasan, tha sibh a‑ghnàth a’ cur an aghaidh an Spioraid Naoimh: mar a rinn ur n‑athraichean, mar sin tha sibhse a’ dèanamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan