A‑rìs tha mi ag ràdh ribh, Ma chòrdas dithis agaibh air thalamh mu thimcheall aon nì a dh’iarras iad, nìthear seo dhaibh lem Athair-sa a tha air nèamh.
Agus nuair a sheasas sibh a’ dèanamh ùrnaigh, maithibh, ma tha nì air bith agaibh an aghaidh aon duine; a‑chum gum maith ur n‑Athair a tha air nèamh ur peacaidhean fhèin dhuibhse.
Agus ge bè nì a dh’iarras sinn gheibh sinn uaithe e, do bhrìgh gu bheil sinn a’ coimhead a àitheantan, agus a’ dèanamh nan nithean a tha taitneach na fhianais.