Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 11:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge bè neach a their ris a’ bheinn seo, Togar thu, agus tilgear anns an fhairge thu, agus nach bi fo amharas na chridhe, ach a chreideas gun tachair na nithean a their e, thig gach nì a their e gu crìch dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Mar an ceudna gabh tlachd anns an Tighearna, agus bheir e dhut iarrtasan do chridhe.

Nuair a chuala Iosa seo, chaidh e as a sin air luing gu ionad fàsail air leth: agus nuair a chuala am poball sin, lean iad dan cois e as na bailtean.

Agus thubhairt Iosa riu, Airson ur mì‑chreidimh: oir gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne mustaird, theireadh sibh ris a’ bheinn seo, Atharraich as a seo an siud, agus dh’atharraicheadh i; agus cha bhiodh nì air bith eu‑comasach dhuibh.

Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ma bhios creideamh agaibh agus nach bi sibh fo amharas, chan e a‑mhàin gun dèan sibh an nì a rinneadh air a’ chrann-fìge, ach mar an ceudna ma their sibh ris a’ bheinn seo, Bi air do thogail, agus air do thilgeadh anns an fhairge, bidh e dèante:

Agus thubhairt an Tighearna, Nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne de shìol mustaird, theireadh sibh ris a’ chraoibh shicamin seo, Bi air do spìonadh as do fhreumhan, agus bi air do shuidheachadh anns a’ chuan. Agus bhiodh i umhail dhuibh.

Agus ge bè nì a dh’iarras sibh am ainm-sa, nì mise sin: a‑chum gum bi an t‑Athair air a ghlòrachadh anns a’ Mhac.

Ma dh’fhanas sibh annamsa, agus ma dh’fhanas m’fhacail-sa annaibhse, iarraidh sibh gach nì as àill leibh, agus nìthear dhuibh e.

Agus ged robh agam fàidheadaireachd, agus ged thuiginn na h‑uile rùintean diamhair, agus gach uile eòlas; agus ged robh agam gach uile ghnè creidimh, ionnas gun atharraichinn slèibhtean, agus mi gun ghràdh agam, chan eil annam ach neoni.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan