Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 11:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Biodh creideamh Dhè agaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus chaidh iad a‑mach gu fàsach Thecòa: agus nuair a bha iad a’ dol a‑mach, sheas Iehosaphat agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, a Iùdah, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim: Creidibh anns an Tighearna ur Dia, agus daingnichear sibh; creidibh a fhàidhean, agus soirbhichidh sibh.

Cuiribh air gach àm ur dòigh ann, O a shluagh; dòirtibh a‑mach ur cridhe na fhianais; tha Dia na thèarmann dhuinn. Selah.

Ged as e ceann Ephraim Samaria, agus ceann Shamaria mac Remaliah. Mura creid sibh, gu cinnteach cha bhi sibh seasmhach.

Agus thubhairt esan, Thig. Agus nuair a bha Peadar air teachd a‑nuas as an luing, dh’imich e air na h‑uisgeachan, a‑chum teachd gu Iosa.

Agus thubhairt Iosa riu, Airson ur mì‑chreidimh: oir gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne mustaird, theireadh sibh ris a’ bheinn seo, Atharraich as a seo an siud, agus dh’atharraicheadh i; agus cha bhiodh nì air bith eu‑comasach dhuibh.

Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ma bhios creideamh agaibh agus nach bi sibh fo amharas, chan e a‑mhàin gun dèan sibh an nì a rinneadh air a’ chrann-fìge, ach mar an ceudna ma their sibh ris a’ bheinn seo, Bi air do thogail, agus air do thilgeadh anns an fhairge, bidh e dèante:

Ach thubhairt Iosa ris, Mas urrainn thusa creidsinn, tha gach aon nì comasach don neach a chreideas.

Na biodh ur cridhe fo thrioblaid: tha sibh a’ creidsinn ann an Dia, creidibh annamsa mar an ceudna.

Air dhuibh a bhith adhlaicte maille ris ann am baisteadh, anns a bheil sibh mar an ceudna air ur togail suas maille ris tre chreideamh obrachadh Dhè a thog suas esan o na mairbh.

Pòl, seirbhiseach Dhè, agus abstol Iosa Crìosd, a rèir creideamh daoine taghte Dhè, agus aidmheil na fìrinn a tha a rèir diadhachd;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan