Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 11:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuala na sgrìobhaichean agus na h‑àrd-shagartan seo, agus dh’iarr iad cionnas a dh’fhaodadh iad esan a mhilleadh: oir bha a eagal-san orra, do bhrìgh gu robh an sluagh uile fo iongantas mòr ra theagasg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Ahab ri Eliah, An d’fhuair thu mi, O mo nàmhaid? Agus thubhairt esan, Fhuair mi thu; a chionn gun do reic thu thu fhèin a dhèanamh uilc ann an sùilean an Tighearna.

Agus thubhairt rìgh Israeil ri Iehosaphat, Nach d’innis mi dhut nach cuireadh e math sam bith air mo mhanadh-sa, ach olc?

Agus thubhairt rìgh Israeil ri Iehosaphat, Tha fhathast aon fhear ann, Micaiah mac Imlah, leis an faod sinn fiosrachadh den Tighearna; ach tha fuath agam dha, oir cha mhath a chuireas e air mo mhanadh-sa, ach olc. Agus thubhairt Iehosaphat, Na abradh an rìgh mar sin.

Mar seo deir an Tighearna, fear-saoraidh Israeil, a Thì naomh; ris-san a tha air a dhìmeas le daoine, ris-san don do ghabh an cinneach gràin; ri seirbhiseach an luchd-riaghlaidh. Chì rìghrean, agus èiridh iad suas; uachdarain, agus nì iad adhradh; airson an Tighearna a tha dìleas, agus tì naomh Israeil a roghnaich thu.

Agus nuair a chunnaic na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean na gnìomharan iongantach a rinn e, agus a’ chlann a’ glaodhaich anns an teampall, agus ag ràdh, Hosanna do Mhac Dhaibhidh, bha corraich mhòr orra,

Agus thàrladh, nuair a chrìochnaich Iosa na briathran seo, gun do ghabh am poball iongantas ra theagasg-san:

Agus ghabh iad iongantas ra theagasg: oir bha e gan teagasg mar neach aig an robh ùghdarras, agus cha b’ann mar na sgrìobhaichean.

Ach ma their sinn, O dhaoine; bha eagal an t‑sluaigh orra; oir b’e meas nan uile air Eòin gum b’fhàidh e gu fìrinneach.

Agus dh’iarr iad breith air, ach bha eagal an t‑sluaigh orra; oir thuig iad gum b’ann nan aghaidh fhèin a labhair e an cosamhlachd: agus air fhàgail dhaibh, dh’imich iad romhpa.

Agus chaidh na Pharasaich a‑mach, agus ghabh iad comhairle air ball maille ri luchd-leanmhainn Heroid na aghaidh-san, cionnas a dh’fhaodadh iad a sgrios.

Oir bha eagal Eòin air Herod, air dha fios a bhith aige gum bu duine ceart agus naomh e, agus thug e fa‑near e; agus nuair a chuala e e, rinn e mòran de nithean air a chomhairle, agus dh’èisd e ris gu toileach.

Agus bha e gach là a’ teagasg anns an teampall. Ach dh’iarr na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus ceannardan a’ phobaill, esan a mhilleadh.

Agus ghabh a’ mhuinntir a chuala e uile iongantas ra thuigse agus ra fhreagraidhean.

Agus anns an uair sin fhèin dh’iarr na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean làmh a chur ann; ach bha eagal an t‑sluaigh orra; oir thuig iad gum b’ann nan aghaidh fhèin a labhair e an cosamhlachd seo.

Agus thug iad uile fianais dha, agus ghabh iad iongantas ris na briathran gràsmhor a thàinig a‑mach as a bheul. Agus thubhairt iad, Nach e seo mac Iòseiph?

Agus an dèidh nan nithean sin, bha Iosa ag imeachd mun cuairt ann an Galile: oir cha b’àill leis a bhith ag imeachd ann an Iudèa, a chionn gu robh na h‑Iùdhaich ag iarraidh a mharbhadh.

Nach tug Maois an lagh dhuibh, agus gidheadh chan eil aon neach agaibh a’ coileanadh an lagha? Carson a tha sibh ag iarraidh mise a mharbhadh?

Fhreagair na maoir, Cha do labhair duine riamh mar an duine seo.

Agus air dhàsan a bhith a’ reusonachadh mu fhìreantachd, stuaim, agus breitheanas ri teachd, ghabh Felics eagal mòr, agus fhreagair e, Imich romhad an tràth seo; nuair a bhios ùine agam, cuiridh mi fios ort.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan