Agus thàinig iad gu Ierusalem: agus chaidh Iosa a‑steach don teampall, agus thòisich e air an dream a bha a’ reic agus a’ ceannach anns an teampall a chur a‑mach, agus thilg e thairis bùird luchd-malairt an airgid, agus cathraichean na muinntir a bha a’ reic chalaman;
Agus theagaisg e, ag ràdh riu, Nach eil e sgrìobhte, Goirear taigh ùrnaigh dem thaigh-sa leis na h‑uile chinnich? Ach rinn sibhse na gharaidh luchd-reubainn e.