Agus air faicinn craoibh-fhìge fada uaithe air an robh duilleach, thàinig e a dh’fheuchainn am faigheadh e nì sam bith oirre: agus air dha teachd da h‑ionnsaigh, cha d’fhuair e nì sam bith ach duilleach; oir cha robh àm tional nam fìgean fhathast ann.
Agus bha e air a bhuaireadh rè dà‑fhichead là leis an diabhal; agus cha d’ith e nì sam bith anns na làithean sin: agus air dhaibh a bhith air an crìochnachadh, an sin dh’fhàs e acrach.
An dèidh seo air do Iosa fios a bhith aige gu robh na h‑uile nithean a‑nis air an crìochnachadh, a‑chum gun coileante an sgriobtar, thubhairt e, Tha tart orm.
Uime sin b’fheumail dha anns na h‑uile nithean a bhith air a dhèanamh cosmhail ra bhràithrean; a‑chum gum biodh e na àrd-shagart tròcaireach agus dìleas ann an nithean a‑thaobh Dhè, a‑chum rèite a dhèanamh airson peacaidhean an t‑sluaigh: