Marcus 11:1Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus nuair a thàinig iad am fagas do Ierusalem, gu Betphage agus Betani, aig Sliabh nan Crann-ola, chuir e uaithe dithis de a dheisciobail. Faic an caibideil |
Agus seasaidh a chasan air an là sin air Sliabh nan Crann-ola, a tha fa chomhair Ierusaleim air an taobh an ear: agus sgoltaidh Sliabh nan Crann-ola na mheadhon, ris an àird an ear, agus ris an àird an iar, air chor is gum bi gleann ro‑mhòr ann: agus gluaisidh leth an t‑slèibh ri tuath, agus an leth eile ri deas.