Agus bidh iad araon nan aon fheòil: ionnas nach dithis iad o sin suas, ach aon fheòil.
Air an adhbhar sin fàgaidh fear a athair agus a mhàthair, agus dlùth-leanaidh e ra mhnaoi: agus bidh iad nan aon fheòil.
Air an adhbhar sin, an nì a chuir Dia cuideachd, na cuireadh duine o chèile.
An e nach eil fhios agaibh, an tì sin a tha ceangailte ri strìopaich, gur aon chorp rithe e? Oir (tha e ag ràdh), bidh dithis nan aon fheòil.
Is amhlaidh sin is còir do na fir am mnathan fhèin a ghràdhachadh, mar an cuirp fhèin: an tì a ghràdhaicheas a bhean, tha e ga ghràdhachadh fhèin.