Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 10:52

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Iosa ris, Imich; shlànaich do chreideamh thu. Agus air ball fhuair e a fhradharc, agus lean e Iosa anns an t‑slighe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Fosglaidh an Tighearna sùilean nan dall; togaidh an Tighearna suas iadsan a tha air an cromadh sìos; is ionmhainn leis an Tighearna na fìreanan.

Oir labhair e agus bha e ann; dh’àithn e, agus sheas e.

An sin fosglar sùilean nan dall, agus bidh cluasan nam bodhar air am fosgladh.

Tha na doill a’ faotainn am fradhairc, agus na bacaich ag imeachd, tha na lobhair air an glanadh, agus na bodhair a’ cluinntinn, tha na mairbh air an dùsgadh, agus an soisgeul air a shearmonachadh do na bochdan.

An sin thugadh da ionnsaigh duine anns an robh deamhan, dall agus balbh: agus shlànaich e e, ionnas gun do labhair am balbhan agus gu robh an dall a’ faicinn.

An sin fhreagair Iosa agus thubhairt e rithe, O bhean, is mòr do chreideamh: biodh e dhut mar as àill leat. Agus rinneadh a nighean slàn on uair sin a‑mach.

Agus thàinig na doill agus na bacaich da ionnsaigh anns an teampall, agus shlànaich e iad.

Agus shìn Iosa a‑mach a làmh, agus bhean e ris, ag ràdh, Is àill leam; bi thusa glan. Agus air ball bha a luibhre air a glanadh.

Ach air tionndadh do Iosa mun cuairt, chunnaic e i, agus thubhairt e, A nighean, biodh deagh mhisneach agad; shlànaich do chreideamh thu. Agus bha a’ bhean slàn on uair sin.)

Agus thàinig esan agus thog e i, a’ breith air làimh oirre: agus air ball dh’fhàg am fiabhras i, agus fhritheil i dhaibh.

Agus thubhairt e rithe, A nighean, shlànaich do chreideamh thu; imich ann an sìth, agus bi slàn od phlàigh.

Na dhèidh sin, chuir e a làmhan a‑rìs air a shùilean, agus thug e air amharc suas: agus dh’aisigeadh a fhradharc dha, agus chunnaic e gach uile dhuine gu soilleir.

Agus thubhairt e ris a’ mhnaoi, Shlànaich do chreideamh thu; imich ann an sìth.

Agus thubhairt e riu, Ge bè a ghabhas ris an leanabh seo ann am ainm-sa, tha e a’ gabhail riumsa: agus ge bè neach a ghabhas riumsa, tha e a’ gabhail ris an tì a chuir uaithe mi: oir an neach as lugha nur measg-se uile, bidh esan mòr.

O thoiseach an t‑saoghail cha chualas gun d’fhosgail aon neach sùilean duine a rugadh dall.

Agus thubhairt Iosa, Is ann a‑chum breitheanais a thàinig mise a‑chum an t‑saoghail seo, a‑chum iadsan nach eil a’ faicinn, gum faiceadh iad; agus gum biodh iadsan a tha a’ faicinn, air an dèanamh dall.

A dh’fhosgladh an sùl, a‑chum gun tionndaidh iad o dhorchadas gu solas, agus o chumhachd Shàtain gu Dia, a‑chum gum faigh iad maitheanas pheacaidhean, agus oighreachd maille ris a’ mhuinntir sin a tha air an naomhachadh tre an chreideamh a tha annamsa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan