Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 10:51

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e ris, Ciod as àill leat mise a dhèanamh dhut? Thubhairt an dall ris, A Thighearna, mi a dh’fhaotainn mo fhradhairc.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Air an oidhche sin dh’fhoillsich Dia e fhèin do Sholamh, agus thubhairt e ris, Iarr ciod a bheir mi dhut.

Agus fàilte fhaghail air na margaidhean, agus daoine a ghairm Rabbi, Rabbi dhiubh.

Ach na goirear Rabbi dhibhse: oir is aon àrd-mhaighistir a tha agaibh, Crìosd; agus is bràithrean sibh fhèin uile.

Uime sin na bithibh-se cosmhail riu: oir tha fhios aig ur n‑Athair cia iad na nithean a tha a dh’uireasbhaidh oirbh, mun iarr sibh air iad.

Iarraibh, agus bheirear dhuibh: siribh, agus gheibh sibh: buailibh an doras, agus fosglar dhuibh:

Agus thubhairt esan riu, Ciod as àill leibh mise a dhèanamh dhuibh?

Agus air dhàsan a fhallaing a thilgeadh uaithe, dh’èirich e, agus thàinig e gu Iosa.

Thubhairt Iosa rithe, A Mhuire. Air tionndadh dhise, thubhairt i ris, Rabboni, is e sin ri ràdh, A Mhaighistir.

An sin rug an t‑àrd-cheannard air a làimh, agus chaidh e a lethtaobh an uaigneas maille ris, agus dh’fheòraich e dheth, Ciod a tha agad ri innse dhòmhsa?

Na biodh ro‑chùram nì sam bith oirbh: ach anns gach uile nì le ùrnaigh agus aslachadh maille ri breith-buidheachais, biodh ur n‑iarrtais air an dèanamh aithnichte do Dhia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan