Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 10:49

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus sheas Iosa, agus dh’àithn e esan a ghairm da ionnsaigh: agus ghairm iad an dall, ag ràdh ris, Biodh misneach agad, èirich; tha e gad ghairm.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Is gràsmhor agus truacanta an Tighearna, mall a‑chum feirge agus pailt ann an tròcair.

Ach tha thusa, a Thighearna, ad Dhia iochdmhor agus gràsmhor, mall a‑chum feirge agus pailt ann an tròcair agus ann am fìrinn.

Agus, feuch, thug iad da ionnsaigh duine air an robh a’ phairilis, na laighe air leabaidh: agus nuair a chunnaic Iosa an creideamh, thubhairt e ri fear na pairilis, Biodh deagh mhisneach agad, a mhic, tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut.

Agus air dhàsan a fhallaing a thilgeadh uaithe, dh’èirich e, agus thàinig e gu Iosa.

Agus air seasamh do Iosa, dh’àithn e a thoirt da ionnsaigh: agus nuair a thàinig e am fagas dha, dh’fheòraich e dheth,

Agus air dha na nithean seo a ràdh, dh’fhalbh i, agus ghairm i a piuthar Muire ann an uaigneas, ag ràdh, Thàinig am Maighistir, agus tha e gad ghairm.

Uime sin b’fheumail dha anns na h‑uile nithean a bhith air a dhèanamh cosmhail ra bhràithrean; a‑chum gum biodh e na àrd-shagart tròcaireach agus dìleas ann an nithean a‑thaobh Dhè, a‑chum rèite a dhèanamh airson peacaidhean an t‑sluaigh:

Oir chan eil Ard-shagart againn nach eil comasach air co‑fhulangas a bhith aige ri ar n‑anfhainneachdan; ach a bhuaireadh anns na h‑uile nithean air an dòigh cheudna rinne, gidheadh as eugmhais peacaidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan