Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 10:48

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chronaich mòran e, a‑chum gum biodh e na thosd: ach bu ro‑mhò a ghlaodh esan, A Mhic Dhaibhidh, dèan tròcair orm.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Mar an ceudna dhutsa, a Thighearna, buinidh tròcair, oir bheir thu luigheachd do dhuine a rèir a obrach.

Agus iarraidh sibh mi, agus gheibh sibh mi, nuair a rannsaicheas sibh air mo shon le ur n‑uile chridhe.

An sin thugadh clann bheag da ionnsaigh, a‑chum gun cuireadh e a làmhan orra, agus gun dèanadh e ùrnaigh: agus chronaich na deisciobail iad.

Agus chronaich an sluagh iad, a‑chum gum biodh iad nan tosd: ach is mò a ghlaodh iadsan ag ràdh, Dèan tròcair oirnn, a Thighearna, a Mhic Daibhidh.

Agus nuair a dh’imich Iosa as a sin, lean dithis dhall e, ag èigheach, agus ag ràdh, A Mhic Dhaibhidh, dèan tròcair oirnne.

Agus thug iad leanaban da ionnsaigh, a‑chum gum beanadh e riu; agus chronaich a dheisciobail a’ mhuinntir a thug leo iad.

Am feadh a bha e fhathast a’ labhairt, thàinig dream o thaigh uachdaran an t‑sionagoig, ag ràdh, Fhuair do nighean bàs; carson a chuireadh tu tuilleadh dragh air a’ Mhaighistir?

Agus chronaich iadsan a bha air thoiseach e, a‑chum gum biodh e na thosd: ach bu mhò gu mòr a ghlaodh esan, A Mhic Dhaibhidh, dèan tròcair orm.

A’ dèanamh ùrnaigh a‑ghnàth leis gach uile ghnè ùrnaigh agus aslachaidh anns an Spiorad, agus a’ dèanamh faire a‑chum an nì seo fhèin maille ris gach uile bhuanachadh, agus ghuidhe airson nan naomh uile;

Neach ann an làithean a fheòla, an dèidh dha ùrnaighean agus athchuingean, maille ri àrd-èighich agus deòir, ìobradh suas don tì a bha comasach air a shaoradh on bhàs, agus ris an d’èisdeadh a‑thaobh an nì ron robh eagal air.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan