Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 10:47

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chuala e gum b’e Iosa o Nàsaret a bha ann, thòisich e ri glaodhaich agus a ràdh, Iosa, a Mhic Dhaibhidh, dèan tròcair orm.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Agus thig geug a‑mach o bhonn Iese, agus fàsaidh faillean suas as a fhreumhan.

Leabhar ginealach Iosa Crìosd, mhic Dhaibhidh mhic Abrahàim.

Agus ghabh am poball uile iongantas, agus thubhairt iad, An e seo mac Dhaibhidh?

Agus, feuch, thàinig bean de mhuinntir Chanàain o na crìochan sin, agus ghlaodh i ris, ag ràdh, Dèan tròcair orm, a Thighearna, a Mhic Dhaibhidh; tha mo nighean air a buaireadh gu truagh le deamhan.

Agus thàinig e agus ghabh e còmhnaidh ann am baile den goirear Nàsaret, a‑chum gun coileante an nì a labhradh leis na fàidhean, Gun goirear Nàsarach dheth.

Agus, feuch, dithis dhaoine dall, a bha nan suidhe ri taobh na slighe, nuair a chuala iad gu robh Iosa a’ dol seachad, ghlaodh iad, ag ràdh, Dèan tròcair oirnne, a Thighearna, a Mhic Dhaibhidh.

Agus thubhairt an sluagh, Is e seo Iosa, am fàidh o Nàsaret Ghalile.

Agus thog an sluagh a bha roimhe agus na dhèidh iolach, ag ràdh, Hosanna do Mhac Dhaibhidh! Beannaichte gu robh an Tì a thig ann an ainm an Tighearna! Hosanna anns na h‑àrdan!

Agus air dol a‑mach dha don fhor-dhoras, chunnaic cailinn eile e, agus thubhairt i riùsan a bha an sin, Bha am fear seo mar an ceudna maille ri Iosa o Nàsaret.

Agus nuair a dh’imich Iosa as a sin, lean dithis dhall e, ag èigheach, agus ag ràdh, A Mhic Dhaibhidh, dèan tròcair oirnne.

Ag ràdh, Leig leinn; ciod ar gnothach-ne riut, Iosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios-ne? Is aithne dhomh cò thu, aon naomh Dhè.

Agus thàinig e gu Nàsaret, far an d’àraicheadh e: agus chaidh e a‑steach, mar a bu ghnàth leis, air là na sàbaid don t‑sionagog, agus dh’èirich e na sheasamh a‑chum leughaidh.

Agus thubhairt Natànael ris, Am faod nì math air bith teachd à Nàsaret? Thubhairt Philip ris, Thig agus faic.

Agus sgrìobh Pilat mar an ceudna tiodal, agus chuir e air a’ chrann-cheusaidh e. Agus b’e an sgrìobhadh, IOSA O NASARET, RÌGH NAN IÙDHACH.

Thubhairt cuid eile, Is e seo Crìosd. Ach thubhairt dream eile, An ann o Ghalile a thig Crìosd?

Fhreagair iadsan agus thubhairt iad ris, A bheil thusa mar an ceudna o Ghalile? Rannsaich, agus faic: oir à Galile cha d’èirich fàidh.

Oir chuala sinn e ag ràdh gun sgrios an t‑Iosa seo o Nàsaret an t‑àite seo, agus gun atharraich e na gnàthan a thug Maois dhuinne.

Chuir mise Iosa m’aingeal a dhèanamh fianais dhuibhse air na nithean seo anns na h‑eaglaisean. Is mise freumh agus gineal Dhaibhidh, an reul dhealrach agus mhaidne.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan